Eil sinn air smachd a chall air AI?
'S iomadh cuspair a tha fa chomhair Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn seo. Cathy MacDonald presents discussions ranging from the dangers of AI and organising agricultural shows.
Cha bheag na dùbhlain a tha an cois leasachadh AI. Ach a bheil sinn a' call smachd air? Sin a' cheist a tha Cathy NicDhòmhnaill a' cur air Aidan Dow agus Dòmhnall Iain Dòmhnallach air a' mhadainn sa.
Cluinnidh sinn cuideachd mu na dùbhlain a tha an cois cuspair gu math eadar-dhealaichte - fèilltean àiteachais air feadh na Gàidhealtachd, agus na comataidhean a bhios gan cuir air dòigh.
Tha Donnchadh Sneddon a' faighinn facal air Coinneach Mac a' Ghobhainn mu leabhar-latha oileanach aig Oilthigh Ghlaschu san 19mh linn.
Agus saoil dè na làithean saora a b' fheàrr a chòrd a-riamh ri Iain Eardsaidh Mac a' Mhaoilein?
Last on
Broadcasts
- Tuesday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tuesday22:55BBC Radio nan Gàidheal
