Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

'S i Màiri Anna NicUalraig an cèiliche a th' aig Cathy an t-seachdain sa. Singer, musician, and broadcaster Mary Ann Kennedy is Cathy MacDonald's guest this week.

Chaneil dìth naidheachdan mòra air feadh na cruinne aig àm sam bith, s' gu h-àraid an dràsta 's dòcha, an cois cogadh Iran. An-diugh, tha Cathy a' bruidhinn ri luchd-naidheachd mu na sgeulachdan as motha 's an robh iad fhèin an sàs tro na bliadhnaichean.

'S i Mairi Anna NicUalraig, cèiliche na seachdain. Tha Mairi Anna aithnichte mar sheinneadear, ceòladair agus craolaiche. Rugadh is thogadh i an Glaschu , air an dearbh shràid mun deach film a dhèanamh bho chionn ghoirid - Sràid a' Chinn Mhòir air taobh deas a bhaile. Bha a film sin, Everybody to Kenmure Street, ag innse mar a dh'èirich daoine ann an 2021, an aghaidh oifigearan-lagh a bha feuchainn ri in-imrichean a chur an grèim. Cò ris a bha an t-sràid 's an sgìre mu chuairt coltach nuair a bha Mairi Anna a' fàs suas anns na 70an? Tha i ag innse cuideachd mu prògraman ciùil ùr 's a bheil i an sàs: Seirm air BBC Alba agus Beartas Ghuthan air BBC Radio nan Gàidheal.

24 days left to listen

57 minutes

Last on

Last Wednesday22:20

Broadcasts

  • Last Wednesday09:00
  • Last Wednesday22:20