le Cathy NicDhòmhnaill
Nì Iseabail Mhoireach lèirmheas den phrògram telebhisean 'Lowry: The Unheard Tapes'
Ishbel Murray with a review of the television programme ''Lowry: The Unheard Tapes".
Mìnichidh an t-eòlaiche Iomhais, Coinneach MacMhathain, agus an t-eòlaiche innleadaireachd Murchadh Moireach mar a tha cogadh san Ear Mheadhanach a' toirt buaidh air pris na h-ola agus air eaconamaidh eadar-nàiseanta.
A comharrachadh leth-cheud bliadhna bho chaochail an dealbhadair Lawrence S Lowry, tha prògram sònraichte air BBCIplayer a tha a’ toirt dhuinn eachdraidh-beatha an duine na bhriathran fhèin. Ann a 1972 ghabh Angela Barratt, boireannach òg a bha deidheil air obair-ealain Lowry, cothrom còmhraidhean a chlàradh leis. Tha na còmhraidhean sin rin cluinntinn sa phrògram ‘Lowry: The Unheard Tapes’ . Clàradh a tha an-diugh cho prìseil , a thaobh eachraidh Lowry agus an sgìre dham buinneadh e, mar a chluinneas sinn bhon dealbhadair Iseabail Mhoireach.
Cluinnidh sinn bho Coinneach MacLeòid agus Gilleasbuig Fearghastan, dhithis a bhios a’ cruinneachadh seann leabhraichean, mun saothair a rinn iad thar nam bliadhnaichean leabhar sònraichte a’ lorg agus mar a tha e feumail dlùth-chàirdeas a bhith agad le buithtean cathrannais
Gach Dimàirt an-dràsta, tha aoighe a' taghadh leabhar agus sgrìobhaiche bho cheàrnaidh sam bith dhen t-saoghal, seach Breatann, Aimeireagaidh neo Èirinn. An-diugh, tha Cameron Wilson air taghadh Animalia a’ sgriobh Jean-Baptiste Del Amo.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 10 Mar 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 10 Mar 202622:25BBC Radio nan Gàidheal
