Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

'S e Dòmhnall Iain MacAoidh, à Losgaintir anns na Hearadh, cèiliche na seachdain. Donald John MacKay from Luskentyre in Harris is Cathy MacDonald's guest this week.

Le teine air leth sgriosail ann am meadhan baile Ghlaschu, tha ceistean gu leòr a' cuairteachadh na thachair. Ach dè mu dheidhinn na thachras a-nise? Tha an ailtire Màrtainn Mac a' Bhàillidh a' bruidhinn ri Cathy mu na dùbhlain an cois ath-thogail dhen leithid.

Cluinnidh sinn cuideachd mu cho cudromach, agus cho cumhachdach, is a tha deilbh-cogaidh. Ach dè tha sònrachadh cuid a luchd-togail dheilbh cogaidh bho chuid eile? Tha an ealanaiche Calum Aonghas MacAoidh a' toirt a bheachd fhèin air a' ghnothaich.

Agus 's iomadh sgeulachd a chluinneas sinn bho chèiliche na seachdain cuideachd - Dòmhnall Iain MacAoidh, à Losgaintir anns na Hearadh. Bho chuimhneachan òige gu chuid obrach mar bhreabadair, 's math as fhiach èisteachd ri sheanchas.

10 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 11 Mar 202622:25

Broadcasts

  • Wed 11 Mar 202609:00
  • Wed 11 Mar 202622:25