
le Cathy NicDhòmhnaill.
Càraidean leis an aon DNA fo chasaid murt san Fhraing agus a' cheist cò aca a tha ciontach. Twins with identical DNA accused of murder, but which one is guilty?
Tha bràithrean fo chasaid murt anns an Fhraing, 's aire mhòr ga thoirt dhan chùis air feadh an t-saoghail. Cha ghabh dearbhadh cò aca da-rìreabh a mharbh daoine ri linn 's nach eil diofar sam bith eadar an DNA aca. Tha Patsi NicChoinnich anns an Fhraing, 's i a' toirt sùil air a' chùis.
An t-seachdain sa chaidh, chuala sinn mu mar a chaidh peilear a lorg ann an ceann-leapa anns an robh Teàrlach Òg Stiùbhart na chadal ann an 1746. Tha na h-uimhir de sgeulachd a' Phrionnsa againn sgrìobhte ann an eachdraidh, ach dè na rudan nach eil cho aithnichte? Tha an t-eòlaiche eachdraidh Niall Bartlett ann an còmhradh ri Cathy mun a sin.
Buinidh cèiliche na seachdain dhan na Hearadh ged a tha a dhachaigh an-diugh ann an Cathair Chaladain. Bha Murchadh Aonghas MacIlleathain na Chomhairliche airson Sgìre Ceann a Deas na Hearadh fad 8 bliadhna gus an do ghluais e a Dhùn Èideann far an robh e ag obair aig an Edinburgh Old Town Weaving Company, bùth air a' Royal Mile a bha a' tarraing tòrr dhaoine ainmeil agus luchd-turais bho air feadh an t-saoghail 's iad a' reic clò agus aodach tartain.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 11 Feb 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Feb 202622:25BBC Radio nan Gàidheal