
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè an t-ainm a bheireadh tu air baile air a' ghealaich? Cathy MacDonald hears her guests' ideas for man's first settlement on the moon as SpaceX focus on a lunar city in 10 years.
Le SpaceX a-nise a' cur cuideam - a-rèir Elon Musk - air baile air a' ghealaich seach Mars, tha Cathy a' faighneachd do dhithis dè bheireadh iad fhèin air an leithid de bhaile. Saoil de tha Aonghas Dòmhnallach agus Iain MacIlleathain a' smaoineachadh mu ainm, agus mu cho ciallach is a tha amas Musk an leithid a dhèanamh sa chiad àite.
Cha bheag na tha sinn a' cluinntinn mu AI. Ach dè na tha e a' cleachdadh de dhealain nuair a chruthaicheas tu dealbh le ChatGPT, Deepseek no Grok? Tha an t-eòlaiche teicneòlais Dòmhnall Dòmhnallach air a bhith a' rannsachadh.
Cluinnidh sinn cuideachd mun àite a th' aig clach-ghràin Albannach ann an croladh leis an Oll. Ùisdean MacNeacail.
Agus ann an sreath ùr, tha sinn a' faighneachd do chuid a tha eòlach air litreachas ann an cànain eile dè na leabhraichean a mholadh iad a tha air taobh a-muigh saoghal na Beurla? Tha Pàdraig MacAoidh a' moladh obair Pablo Naruda dhuinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 10 Feb 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 10 Feb 202622:25BBC Radio nan Gàidheal