
le Cathy NicDhòmhnaill
'S i Màiri Sìne Chaimbeul cèiliche na seachdain sa. Mairi Sine Campbell is Cathy MacDonald's guest this week.
Tha na làithean a' fàs nas fhaide beag air bheag, is sinn a-nise san dàrna mìos dhen bhliadhna. Ach ciamar as còir dhuinn ullachadh ar lios airson an earraich? Tha Calina NicDhòmhnaill a' toirt dhuinn beagan comhairle gàirnealarachd.
Cluinnidh sinn bhon t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain cuideachd mun luach a th' anns an òr, agus na h-adhbharan a tha margaidhean chun a' latha an-diugh gu tric a' cumail sùil air a' phrìs.
Agus 's i an sgrìobhaiche Màiri Sìne Chaimbeul, às a' Phloc, cèiliche na seachdain sa. 'S iomadh rud mun a bheil i a' bruidhinn ri Cathy - eadar cuimhneachain a h-òige, beul-aithris is dualchas sgìre Loch Aillse, agus mar a rinn i siubhal gu leòr air feadh an Ear Mheadhanaich na h-òige. Agus 's math as fhiach a bhith ga h-èisteachd!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 4 Feb 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Feb 202622:25BBC Radio nan Gàidheal