Ath-thagradh an aghaidh diùltadh leasachadh Fàn Eilean

Ro-dhealbh den leasachadhTùs an deilbh, SSEN Transmission
  • Air fhoillseachadh

Chuir SSEN Transmission ath-thagradh gu Riaghaltas na h‑Alba às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd plana connspaideach leotha airson bun‑structair dealain ùir faisg air a' Mhanachainn a dhiùltadh.

Tha a' chompanaidh airson fo‑stèisean 400 kV agus stèisean giollachd a thogail air làrach còrr is 850 àcair de mheud air talamh-àitich ann am Fàn Eilean.

Tha SSEN Transmission ag ràdh gum biodh an leasachadh – a bhiodh na phàirt den loidhne chumhachd eadar a' Mhanachainn agus Deanaidh – a' neartachadh tèarainteachd chumhachd agus a' cuideachadh le amasan uaine.

Bhiodh e cuideachd a' làimhseachadh dealain bhon chàball ùr eadar na h-Eileanan Siar agus tìr-mòr.

Ach chaidh faisg air 2,000 gearan a dhèanamh na aghaidh, agus dragh air muinntir na sgìre mu mheud a' phròiseict agus a bhuaidh air seallaidhean.

Aig coinneimh sa Ghearran, chaidh comhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas an aghaidh moladh bho oifigearan planaidh agus dhiùlt iad an tagradh gu h-aona-ghuthach.

Tha SSEN a‑nis air tagradh foirmeil a chur a-steach gu Riaghaltas na h‑Alba, a nì an co-dhùnadh deireannach.

Thuirt a' chompanaidh gum bi iad a' leantainn orra le sgrùdaidhean air an talamh aig an làraich a dh'iarradh iad fhad 's a tha am pròiseas ath‑thagraidh a' dol air adhart.