Oidhirp seirbheisean adhair Inbhir Ùige a ghlèidheadh 's Eastern Airways an rianachd

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' coimhead ri dòighean seirbheisean adhair Inbhir Ùige a ghlèidheadh 's a' chompanaidh Eastern Airways air a dhol ann an rianachd.
Tha dragh ann gun tèid na ceudan chosnaidhean a chall dha ceann a tuath na Gàidhealtachd ma thèid a' chompanaidh à bith, 's mòran a tha a' fuireach san sgìre a' cleachdadh na seirbheis a dh'fhaighinn a dh'Obar Dheathain 's an cuid cosnaidh sa Chuan a Tuath.
Dh'innis Eastern Airways Diluain gun robh iad a' cumail nam plèanaichean aca air an talamh 's gun robh iad air a dhol ann an rianachd.
Bidh a' chompanaidh a' ruith sheirbheisean air Òrdugh Seirbheis Phoblaich às leth Comhairle na Gàidhealtachd, agus 's iadsan an aon chompanaidh a bhios a' cleachdadh Port-Adhair Inbhir Ùige.
Buille Chruaidh
"Tha mi air m' uabhasachadh, 's tha seo air tighinn oirnn mar chlach às an adhar," thuirt BP na sgìre, Jamie Stone.
"B' fheàrr gun robh sinn air beagan rabhaidh fhaighinn mun seo.
"Tha tòrr againn a rinn strì airson Òrdugh Seirbheis Phoblaich (PSO) fhaighinn dha Inbhir Ùige, 's tha na seirbheisean seo air a bhith riatanach.
"Ma tha sinn ann an da-rìribh mu leasachadh eaconomaidh a' chinn a tuath, feumaidh sinn seirbheisean adhair a bhith againn a-mach 's a-steach à Inbhir Ùige.
"Às aonais na companaidh seo cha bhi seirbheisean idir againn, 's b' e buille chruaidh a bha sin dha ceann a tuath na h-Alba."
Thuirt a' chompanaidh Loganair air innse gun toir iad faraidhean sònraichte do dhaoine a cheannaich ticeadan le Eastern Airways air na seirbheisean aca eadar na h-Eileanan mu Thuath agus Obar Dheathain suas dhan 30mh là den Dàmhair.