PSO ga iarraidh 'son na seirbheis adhair eadar Glaschu is Beinn na Faoghla

- Air fhoillseachadh
Nochd iarrtas ann an Uibhist gum bi inbhe de dh'uallach seirbheis poblaich, no PSO, air a cur air an t-seirbheis adhair eadar Beinn na Faoghla agus Glaschu.
Tha seo an dèidh do Loganair innse gun tòisich clàr-ama a' gheamhraidh nas tràithe am-bliadhna air an t-slighe.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' dèanamh seo agus iad gun itealan ùr fhaighinn aig an àm a bha dùil.
Tha seirbheisean eadar Glaschu, Barraigh, Tiriodh agus Ceann Loch Cille Chiarain, agus cuideachd air an t-seirbheis eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh, am measg an fheadhainn air a bheil cùmhnant PSO.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil taic riaghaltais ann dhaibh, agus cuideachd gu bheil uallach air a' chompanaidh adhair ìre bhunaiteach de sheirbheis a thoirt seachad.
Briseadh-dùil
Thuirt cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, an Comh. Ùisdean Robastan, nach robh còmhradh sam bith air a bhith ann leotha mus do dh'innis Loganair gum bi clàr-ama a' gheamhraidh a' tòiseachadh nas tràithe.
"S e briseadh-dùil uabhasach a bha seo oir 's e clàr-ama a bha freagarrach dhan a h-uile duine a bh' ann agus bheir an t-atharrachadh seo buaidh uabhasach air daoine.
Thuirt Loganair: "Bidh sinn a' tòiseachadh clàr-ama a' gheamhraidh nas tràithe na bha còir air cuid de sheirbheisean air sgàth na dàlach ann a bhith a' faighinn itealan ùra.
"Tha sinn a' tuigsinn gun toir seo buaidh air cuid de luchd-cleachdaidh, ach tha e riatanach an ceum seo a ghabhail airson dèanamh cinnteach gun tèid aig luchd-siubhail air tursan a chur air dòigh."
"Gun deasbad"
Thuirt Mgr Robastan gum biodh e air sùileachadh gum biodh Loganair air a bhith mothachail dha na duilgheadasan a th' air a bhith aig muinntir Uibhist le modhan còmhdail.
Thuirt e gun d' fhuair e gearainean bho mhòran daoine agus gu h-àraid bho theaghlaichean òga.
"Tha feadhainn ag ràdh leis na duilgheadasan a th' air a bhith ann le aiseagan agus leis an seo a-nis gu bheil iad a' coimhead air gluasad air falbh gu tìr-mòr a-rithist."
"Ma tha PSO agad tha iad a' tighinn gu aonta dè na seirbheisean tha thu a' faighinn agus cuin a tha iad a' ruith agus tha fios agad càite a bheil thu an àite mar a tha sinn an-dràsta ag atharrachadh rudan aig a' mhionaid mu dheireadh agus a' toirt buaidh mhòr air daoine a dh'fheumas siubhal gu tìr-mòr airson obair no air adhbharan teaghlaich."