An Taobh Siar is An Rubha troimhe an Cupa Jock Stein

Col Uarach
Fo-thiotal an deilbh,

Bha briseadh-dùil aig a' Bhac aig Col Uarach is iad air call an aghaidh An Taobh Siar airson a' cheathramh turas air an t-seusan seo

  • Air fhoillseachadh

Bidh An Taobh Siar an aghaidh An Rubha sa chuairt dheireannaich de Chupa Jock Stein is an dà sgioba air adhartas a dhèanamh oidhche Luain.

'S iad na Siaraich a chaidh air thoiseach an aghaidh a' Bhac tro Ross Dòmhnallach, ach bha an geama co-ionnan aig letheach slighe le tadhal dha na Gormaich bho Elliot Henderson.

Ged a chuir Daibhidh MacAnndrais Am Bac air thoiseach san dàrna leth, fhreagair An Taobh Siar le dà thadhal ann an trì mionaidean bho Chailean MacRath 'son an cur troimhe 3-2.

'B e seo an siathamh turas air an t-seusan seo a bha na sgiobaidhean air coinneachadh is na Siaraich air ceithir dhuibh a bhuannachadh.

San iar-chuairt dheireannaich eile thug An Rubha pronnadh 10-1 air United.

Chuir na Rubhaich dà thadhal sa chiad deich mionaidean den gheama is bha iad 7-1 air thoiseach aig letheach slighe.

'S iad Ethan MacAdam (2), Aonghas Dòmhnallach (2), Daniel Broker (2), Dean Clinton (2) is Rob Jones (2) a fhuair na tadhail dha na Rubhaich.

Bidh a' chuairt dheireannach Disathairne an 5mh den t-Sultain aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.

Tha aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is cothrom aig Malaig ceum mòr a ghabhail a dh'ionnsaigh an tiotail ma nì iad a' chùis air Caol Àcain aig an taigh.

Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh thèid Saints an Ìochdair an aghaidh Bharraigh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte