Dùil ri call còrr is £1m aig ionad turasachd ùr Caisteal Inbhir Nis

Chan eil ach an dàrna leth de luchd-tadhail na bhathar an dùil air tighinn chun a' chaisteil on chaidh a leasachadh mar ghoireas turasachd
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gum bi call còrr is £1m aig Caisteal Inbhir Nis sa chiad bhliadhna on chaidh ùrachadh mar ghoireas do luchd-turais.
Thàinig na figearan am bàrr ann an aithisg a chaidh air beulaibh chomhairlichean Diardaoin.
Dh'fhosgail seann Chùirt an t-Siorraidh às ùr san Dùbhlachd an-uiridh an dèidh obair leasachaidh luach mu £47m.
A dh'aindeoin agus gun tàinig 80,000 duine gu ruige seo, tha comhairlichean Gàidhealach air dragh a nochdadh gu bheil sin timcheall air an dàrna leth agus a bhathar a' sùileachadh.
Ghabh Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Reamonn Bremner, ris gur e "briseadh-dùil" a bh' anns na figearan.
Chaidh na h-uairean fosglaidh agus na tha de luchd-obrach mar-tha a lùghdachadh.
Thuirt Highlife na Gàidhealtachd, a tha a' ruth a' chaisteil, gu bheil iad ag obair air plana leasachaidh.
Caisteal Inbhir Nis fosgailte gu h-oifigeil
- Air fhoillseachadh9 An Gearran
Dòchas gum fosgail Caisteal Inbhir Nis ro dheireadh 2025
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar 2025
Thòisich an obair-leasachaidh ann an 2022 airson àite-bìdh agus bùth a thogail, a thuilleadh air taisbeanadh eadar-ghnìomhach a' sealltainn eachdraidh agus cultair na Gàidhealtachd.
Chuala buill Comataidh an Stòrais aig Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin nach deach a rèic de thiceadan ach mu 55% de na bha dùil.
Thuirt an aithisg gur dòcha gum bi 2029 ann mus tèid na leabhraichean a chothromachadh.
A' bruidhinn aig a' choinneimh, thuirt ceannard na comhairle, Reamonn Bremner: "Chan e a-mhàin gu bheil na h-àireamhan nas ìsle na bha dùil, tha iad mòran nas ìsle na bha dùil.
"Dè am plana a th' ann airson dèiligeadh ris agus dè cho luath a ghabhas am plana sin a thoirt gu buil," thuirt e.
Thuirt Àrd-oifigear Highlife na Gàidhealtachd, Steve Walsh, gun robh iad ag obair air ro-innleachd còig bliadhna airson agus gun soirbhich leis an ionad san ùine fhada.
Am measg nan amasan, 's e barrachd de luchd-siubhail nam busaichean-cuairte a tharraing ann.
Dh'fhaodadh cuideachd gun tèid coimhead air prìs nan ticeadan mar dhòigh barrachd dhaoine fhaighinn tro na dorsan.