Eastern Airways a' tarraing seirbheis Inbhir Ùige

  • Air fhoillseachadh
ItealanTùs an deilbh, Eastern Airways

Tha Eastern Airways a' sguir na seirbheis aca eadar Inbhir Ùige agus Obar Dheathain.

Thuirt a' chompanaidh gur ann air sgàth dìth luchd-siubhail agus cion airgid a rinn iad an co-dhùnadh.

Tha dùil gun tèid cosnaidhean a chall an lùib seo.

Sguir an t-seirbheis aig Loganair eadar Inbhir Ùige agus Dùn Èideann sa Mhàrt agus tha sin a' fàgail na sgìre a-niste às aonais cheangail-adhair ri gin de bhailtean mòra na h-Alba.

Buaidh

Tha seo na bhuille do dh'eaconomaidh Ghallaibh, a rèir Àrd-oifigeir Sheòmraichean Malairt na sgìre, Trudy Morris.

"Bheir e buaidh air gnìomhachasan a tha a' dèanamh ceangail ris an dà bhaile, Obar Dheathain agus Dùn Èideann, ach cuideachd ri sgìrean eile.

"Tha dì-choimiseanadh a' dol fhathast aig Ionad Niuclasach Dhùnrath agus tha ceangalan adhair deatamach 'son daoine fhaighinn a-mach agus a-steach bhon àite.

"Tha obair chumhachd ath-nuadhachail aig muir an seo cuideachd, 's bidh daoine a' tighinn 's a falbh airson seirbheisean a chumail ris.

"Ma tha sinn 'son fàs fhaicinn anns an eaconomaidh agus dìon a chur air, feumaidh sinn ceangalan adhair o chionn chan eil e furasta fhaighinn gu ceann a deas na h-Alba," thuirt i.

PSO

'S ann le Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) a tha Port-Adhair Inbhir Ùige, 's thuirt a' chompanaidh gur e briseadh dùil a th' anns an naidheachd dhaibhsan, agus buille do Ghallaibh is Cataibh cuideachd.

Thuirt Stiùiriche HIAL, Ingles Lyon, gum feumar seirbheisean adhair ùra a stèidheachadh anns na mìosan a th' air thoiseach 'son 's gum bi ceangaileachan aig a' choimhearsnachd ris a' chòrr de dh'Alba, Breatainn, agus gu eadar-nàiseanta.

Ach san eadar-ama, tha ceist ann an gabh am port-adhair seo cumail fosgailte, agus thuirt Trudy Morris gu bheil feum air òrdan mar sheirbheis phoblach (PSO) a chur air mar a th' aca ann am Barraigh is Tiriodh.

"Chuireadh sin dìon air na ceangalaichean adhair, a' toirt seirbheis làitheil gu ceann a deas na h-Alba, a' ciallachadh gum faod gnìomhachasan obair a dhèanamh shìos an sin nas fhasa, agus cha leigeadh iad a leas a bhith a' fuireach shìos.

"Tha e cudromach, chan ann a-mhàin do ghnìomhachasan, ach a thaobh a bhith a' tàladh dhaoine dhan sgìre.

Dùbhlain

"Ma tha fios agad gun urrainn dhut a dhol sìos a Ghlaschu no a Dhùn Èideann san aon là, tha e a' brosnachadh dhaoine tighinn a dh'fhuireach agus a dh'obair anns an àite seo," thuirt i.

Thuirt fear-labhairt Còmhdhail na h-Alba gu bheil fios aca gu bheil dùbhlain ron sgìre ri linn na naidheachd a tha seo.

Tha am plana-gnìomha aca bho Sheòmraichean Malairt Ghallaibh a thaobh PSO agus tha iad a' beachdachadh air.

Tha coltas gun toireadh e co-dhiù sia mìosan PSO a chur an gnìomh ma 's e is gun aontaichear ris a' phlana.