Mar as motha a reiceas iad, 's ann as motha a choisinneas iad.
Eisimpleir
Tha pàigheadh bunaiteach de \(\pounds80\) san t-seachdain aig Jim. Tha e a' faighinn coimisean de \(4\%\) air na reiceas e. Obraich a-mach a phàigheadh ann an seachdain nuair a bhios na reiceas e aig \(\pounds2500\).
Freagairt
Coimisean \(= 4\%\) de \(\pounds2500 = \pounds100\)
Tha Anna a' faighinn coimisean de \(2.5\%\) air na reiceas i thar \(\pounds50\,000\) sa mhìos. Obraich a-mach an coimisean aice ann am mìos nuair a tha na reiceas i aig \(\pounds125\,000\).
Coimisean air a phàigheadh air \(\pounds125\,000 - \pounds50\,000 = \pounds75\,000\) (seo an t-sùim thar \(\pounds50\,000\))
Coimisean \(= 2.5\%\) de \(\pounds75\,000 = \pounds1875\)