Atharrachadh na gnàth-shìde
Na tha blàthachadh na cruinne a' ciallachadh dhuinn
Tha luchd-saidheans, luchd-poilitigs agus luchd-gnìomhachais fhathast a' deasbad nan adhbharan airson blàthachadh na cruinne. Tha cuid ag ràdh gu bheil e air a bhith a' dol air adhart bho chionn linntean. Ach, thuirt am Pannal Eadar-riaghaltasan air Atharrachadh na Gnàth-shìde (IPCC: Intergovernmental Panel on Climate Change) – gu bheil an fhianais a' toirt coltas gu bheil buaidh aig obair dhaoine air blàthachadh na cruinne, gu h-àraidh a thaobh sgaoileadh gasaichean taigh-glainne agus cleachdadh aerosoilean.
Tha deasbad ann cuideachd mu dheidhinn dè cho luath 's a tha a' chruinne a' blàthachadh. Ann am beachd cuid de luchd-saidheans, dh'fhaodadh teòthachdan na h-àile èirigh 1.4° gu 5.8°C sna 100 bliadhna a tha romhainn. Tha cuid eile dhen bheachd nach èirich iad cho luath.
Ge bith dè na h-adhbharan agus an ùine, tha buaidhean blàthachadh na cruinne uabhasach cudromach.
Buaidhean – ionadail agus cruinneil
- An-dràsta, tha dùthchannan leasaichte (DL) a' cleachdadh barrachd lùtha, a' losgadh barrachd chonnaidhean fosail agus a' leigeil barrachd gasaichean taigh-glainne mu sgaoil na tha dùthchannan fo leasachadh (DfL). Tha am map a' sealltainn nan dùthchannan as motha a tha a' leigeil mu sgaoil dhe na gasaichean.
- Tha dùthchannan fo leasachadh ag iarraidh leasachadh – airson a bhith coltach ri dùthchannan leasaichte – agus 's àbhaist sin a bhith a' ciallachadh barrachd lùtha ga chleachdadh agus barrachd connaidh ga losgadh.
- Tha teòthachdan nas motha a' toirt air ceapan-deighe leaghadh; tha sin a' ciallachadh gu bheil àrainn a' mhathain bhàin a' fàs nas lugha.
- Mar a tha blàthachadh na cruinne a' leaghadh cheapan-deighe agus eigh-shruthan an t-saoghail, tha àirde na mara ag èirigh.
- Bidh àrdachadh ann an teòthachdan na mara a' toirt air an uisge leudachadh, agus bidh sin ag adhbhrachadh thuiltean nas miosa.
- Dh'fhaodadh blàthachadh na cruinne cuideachd buaidh a thoirt air pàtrain sìde, ag adhbhrachadh barrachd tairt (a bheireadh air bàrr fàilligeadh), tuiltean (a chuireadh cuid de ghnèithean à bith) agus sìde anabharr, mar doineannan.
- Thèid duilgheadasan turasachd am meud oir cha bhi uiread de shneachd ann an cuid de dh'ionadan sna beanntan, ach bidh i nas teotha ann an àitichean eile, me mun Mhuir Mheadhan-thìreach.
Deigh sa Chuan Artaigeach a' leaghadh
- Sgaoilidh tinneasan tropaigeach mar mailèiria nuair a thèid an teòthachd suas.
- Ann am Breatainn chan eil sìde chunnartach nan tropaigean, mar doineannan agus tart uabhasach, a' toirt buaidh oirnn. Ach tha cuid de dh'eòlaichean gnàth-shìde ag ràdh gu bheil gnàth-shìde na Rìoghachd Aonaichte ag atharrachadh mar thoradh air blàthachadh na cruinne, agus gur dòcha gum bi barrachd thuiltean ann, gainnead uisge agus sìde anabharr.