BloigheanA' cur-ris agus a' toirt-air-falbh bhloighean

Gabhaidh ceistean obrachadh a-mach le bloighean de chumaidhean 's uireadan. Faodar bloighean measgte a chur-ris/ thoirt-air-falbh 'son an àireamh de phàirtean bloigheach an àireamh mheasgte a lorg.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

A' cur-ris agus a' toirt-air-falbh bhloighean

Diagram using rectangles to show fractions being added

Tha e furasta bloighean a chur-ris nuair a tha na h-àireamhan air a' bhonn an aon rud.

Bidh thu dìreach a' cur-ris bàrr gach bloigh.

Mar sin \(\frac{2}{9} + \frac{5}{9} = \frac{7}{9}\)

Uaireannan feumaidh tu am freagairt a chansaileadh sìos gu na teirmean as sìmplidhe.

\(\frac{3}{{10}} + \frac{1}{{10}} = \frac{4}{{10}} = \frac{2}{5}\)

Nuair nach eil na h-àireamhan air a' bhonn an aon rud bho thùs, feumaidh tu bloighean co-ionann a chleachdadh airson an dèanamh an aon rud.

Question

\(\frac{3}{5} + \frac{1}{4}\)

Toirt-air-falbh

Bidh thu a' toirt-air-falbh a' cleachdadh an aon dòigh 's a bh' agad airson cur-ris.

Question

Obraich a-mach \(\frac{3}{5} - \frac{1}{5}\)

Question

Obraich a-mach \(\frac{5}{8} - \frac{3}{{10}}\)