Sgrìobhadh breithneachailA' taghadh cuspair

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh breithneachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

A' taghadh cuspair

Ma tha an cothrom agad cuspair a' phìos a thaghadh, feuch gun tagh thu cuspair a tha inntinneach agus connspaideach! Bidh thu airson rudeigin a thaghadh a ghlacas aire an leughadair, far am bi iad airson do bheachdan a chluinntinn agus co-dhùnadh a dhèanamh stèidhichte orra.

Dh'fhaodadh tu cuspair a thaghadh a tha a' buntainn riut fhèin no ris an sgìre sa bheil thu a' fuireach. No 's dòcha gu bheil cuspair eadar-nàiseanta ann a th' air d' aire a ghlacadh?

Ma tha thu a' strì ri cuspair a thaghadh, feuch ri sùil a thoirt air na naidheachdan, rudan a tha daoine a' sgrìobhadh sna pàipearan-naidheachd, no rudan mun cuala tu daoine a' deasbad mun cuairt ort.

Cuspair

  • Àrainneachd
  • Poilitigs
  • Slàinte
  • Foghlam
  • Cultar
  • Spòrs
  • Coimhearsnachd

More guides on this topic