Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Àrd-thalamh eighichteÀrd-thalamh eighichte

Tha coireachan, stùcan pioramaideach is glinn air chumadh u gan cruthachadh ri linn eigheachadh. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar chleachdaidhean-fearainn; feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrd-thalamh eighichte

Àrd-thalamh eighichte

Ro-ràdh

Coimhead air a' mhap gu h-ìosal a tha a' sealltainn àrd-thalamh eighichte san RA.

Cl‡r Sionoptaig airson 14 Samhain 2010
Figure caption,
Dealbh-tìre eigheadail

’S e feartan àrd-thalamh eighichte a th’ anns na leanas:

  • Coire
  • Stùc phioramaideach
  • Arête
  • Gleann air chumadh U

Àrd-thalamh eighichte ann an Alba

Mar a bhios deigh a' bleith

  • Spìonadh - bidh an deigh aig bonn eigh-shruth a' leaghadh air sgàth bruthadh agus suathadh. Bidh uisge a' reothadh ann an sgoltaidhean nan creagan air sgàth seo agus nuair a ghluaiseas an t-eigh-shruth, spìonaidh e leis cnapan agus fàgaidh e uachdar eagach. Tha seo an uair sin a' fàgail stuth airson sgrìobadh.
  • Sgrìobadh - bidh creagan a tha steigte san deigh a' sgrìobadh na fo-chreige fon eigh-shruth. Cuimhnich: Bidh am pròiseas sìde-chaitheamh, reothadh is aiteamh/briseadh deighe cuideachd a' tachairt ann an sgìrean àrd-thalaimh.
  • Reothadh is aiteamh - bidh uisge ann an sgoltaidhean nan creagan a' reothadh agus a' meudachadh agus a' toirt air a' bheàrn fosgladh. Nuair a leaghas an deigh, gheibh barrachd uisge a-steach dhan sgoltadh agus reothaidh e a-rithist. An dèidh do reothadh is aiteamh tachairt iomadh turas, bidh cnapan creige a' briseadh far an uachdair.