Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgilean staitistigsAg obrachadh a-mach chuibheasan bho dàta

Cleachdaidh sinn grafaichean is clàran gus òrdugh a chur air dàta. Faodar staitistearachd a chleachdadh gus anailis a dhèanamh air dàta amh, no dàta air a chur còmhla gus cuibheasan obrachadh a-mach.

Part ofMatamataigStaitistearachd

Ag obrachadh a-mach chuibheasan bho sheataichean-dàta

An cuibheas

Tha fios againn mar-thà mar a dh'obraicheas sinn a-mach an cuibheas bho chlàr-triceid. Bidh sinn ag obrachadh a-mach a' chuibheis airson seataichean-dàta ann an dòigh gu math coltach ris an dòigh sin.

Tha clàr-triceid nan seataichean-dàta a' sealltainn an àireamh chlàran a cheannaich cuid a dh'oileanaich an-uiridh.

Àireamh chlàranTricead
0 - 410
5 - 912
10 - 146
15 - 192
Àireamh chlàran0 - 4
Tricead10
Àireamh chlàran5 - 9
Tricead12
Àireamh chlàran10 - 14
Tricead6
Àireamh chlàran15 - 19
Tricead2
  • Tha fios againn gun do cheannaich 10 oileanaich 0, 1, 2, 3 no 4 clàran, ach chan eil fios againn cia mheud a cheannaich gach oileanach.
  • Ma chanas sinn gun do cheannaich gach oileanach 4 clàran, bidh e coltach gum bi an tuairmse againn dhen chuibheas ro mhòr.
  • Ma chanas sinn gun do cheannaich gach oileanach 0 clàran, bidh e coltach gum bi an tuairmse againn dhen chuibheas ro bheag.
  • Mar sin saoilidh sinn gum biodh e glic puing-mheadhain an t-seata a chleachdadh agus smaoineachadh gun do cheannaich gach oileanach 2 chlàr.

Le bhith a' lorg nam puingean-meadhain aig na seataichean eile, gheibh sinn:

Àireamh chlàranTriceadPuing-mheadhain \(x\)Tricead puing-mheadhain \(x\)
0 - 410220
5 - 912784
10 - 1461272
15 - 1921734
Iomlan = 30Iomlan = 210
Àireamh chlàran0 - 4
Tricead10
Puing-mheadhain \(x\)2
Tricead puing-mheadhain \(x\)20
Àireamh chlàran5 - 9
Tricead12
Puing-mheadhain \(x\)7
Tricead puing-mheadhain \(x\)84
Àireamh chlàran10 - 14
Tricead6
Puing-mheadhain \(x\)12
Tricead puing-mheadhain \(x\)72
Àireamh chlàran15 - 19
Tricead2
Puing-mheadhain \(x\)17
Tricead puing-mheadhain \(x\)34
Àireamh chlàran
TriceadIomlan = 30
Puing-mheadhain \(x\)
Tricead puing-mheadhain \(x\)Iomlan = 210

'S e an cuibheas \(\frac{{20 + 84 + 72 + 34}}{{10 + 12 + 6 + 2}} = \frac{{210}}{{30}} = 7\)

Cuimhnich: chan eil an seo ach tuairmse dhen chuibheas.

Am meadhan

'S e am meadhan an luach a tha sa mheadhan nuair a tha na luachan ann an òrdugh a rèir meud.

Seach gu bheil an dàta ann an seataichean, chan urrainn dhuinn luach mionaideach a lorg airson a' mheadhain, ach lorgaidh sinn an seata anns a bheil am meadhan.

Àireamh chlàranTricead
0 - 410
5 - 912
10 - 146
15 - 192
Àireamh chlàran0 - 4
Tricead10
Àireamh chlàran5 - 9
Tricead12
Àireamh chlàran10 - 14
Tricead6
Àireamh chlàran15 - 19
Tricead2

Tha 30 oileanach ann. Mar sin, tha sinn a' lorg an t-seata sa bheil an luach \((30 + 1) \div 2 = 15\frac{1}{2}mh\) a tha letheach eadar an 15mh agus an 16th luach.

'S e 10 an tricead tionalach airson a' chiad sreath agus 22 airson an dara sreath.

Tha an dara sreath a' dol seachad air a' 15mh agus air an t-16mh luach. Mar sin feumaidh gu bheil am meadhan a-staigh an sin.

Tha am meadhan mar sin san raon 5-9.

(Tha mìneachadh air Tricead Tionalach mar-thà air duilleag san earrainn seo.)

Am mòd

'S e am mòd an luach as cumanta.

Ann an clàr-triceid le seataichean-dàta, ma lorgas sinn an seata leis an tricead as motha, cha dèan sinn nas fheàrr na sin.

Àireamh chlàranTricead
0-410
5-912
10-146
15-192
Àireamh chlàran
Tricead
0-4
10
5-9
12
10-14
6
15-19
2

'S ann san t-seata 5-9 a tha am mòd.

Uaireannan, canar raon de raon-clas ri clàran-triceid de sheataichean-dàta.