Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Dàimhean ag atharrachadh eadar na mòr-chumhachdanNa mòr-chumhachdan

Sna 60an is 70an, bha na SA is an USSR airson dàimh na b’ fheàrr eatarra. Air sgàth co-obrachadh, agus seach gun tug Gorbachev leasachadh air an USSR, thàinig an Cogadh Fuar gu crìch mu dheireadh.

Part ofEachdraidhAn Cogadh Fuar

Na mòr-chumhachdan

Tro na 1960an agus na 1970an, dh'fheuch an dà thaobh ri lùghdachadh a thoirt san t-suidheachadh theann a bha eatarra. Canar Linn an Détente ris an àm sin. Ged a bha dìth earbsa agus amharas fhathast ann, thòisich co-obrachadh agus aonta eadar an dà thaobh aig an àm.

Bha corra adhbhar ann airson atharrachadh tighinn sna dàimhean eadar na mòr-chumhachdan:

  • Air sgàth Cùis-èiginn Urchraichean Chuba (1962), thuig an dà thaobh cho cunnartach 's a bha e dhaibh gun a bhith a' co-obrachadh. Bha e follaiseach dhan t-saoghal cho furasta 's a dh'fhaodadh cogadh niùclasach tòiseachadh, fiù 's air sgàth còmhstri ann an dùthchannan beaga.
  • Bha na SA an sàs ann an Cogadh Bhietnam agus cha b' urrainn dhaibh saighdearan no airgead a chur gu raointean eile. 'S dòcha gun cuidicheadh détente Ameireaga gus dòigh a lorg a-mach às a' chogadh.
  • Bha mòran eas-aonta eadar an USSR agus Sìona ged a bha iad le chèile nan dùthchannan comannach. Bha an USSR a' coimhead air Sìona mar chunnart agus bha i airson a bhith na bu chàirdeile ris na SA.
  • Bha détente na chothrom propaganda dhan dà thaobh. Dh'fhaodadh iad iad fhèin a shealltainn mar luchd-dèanaimh na sìthe air an robh uallach mu shàbhailteachd an t-saoghail.
  • Chuidich détente na mòr-chumhachdan gu bhith a' caomhnadh airgead oir dh'fhaodadh iad na bha iad a' cosg air rèis nam ball-airm a lùghdachadh agus cuideam a chur air duilgheadasan sna dùthchannan aca fhèin. Bha duilgheadas sna SA le atmhorachd, agus mar thoradh air cho mì-thoilichte 's a bha daoine mu Chogadh Bhietnam agus leis an taic a bha e a' call, cha deach aig a' Cheann-suidhe air leasachaidhean a chur an gnìomh gus daoine bochda a chuideachadh. Bha muinntir an USSR a' fulang air sgàth biadh a bhith gann agus air sgàth droch thaigheadas.