Màiri NicÌomhair

Rugadh Màiri Ghreumach air a' Bhac, Leòdhas ann an 1868. Phòs i Dòmhnall MacÌomhair, Dòmhnall 'an Chuil, agus rinn iad an dachaigh aig 34, Am Bac. Bha seachdnar a theaghlach aca, ceathrar nighean agus triùir bhalach. Chaill iad an nighean bu shine agus a nighean a b' òige 's gun iad ach nan leanabain.

Rinn Màiri laoidhean eile a bharrachd air Och Ochan, a Rìgh, gur nì ro Iongantach Gràdh, agus tha cuimhne aig a h-ogha, Màiri NicÌomhair, air a màthair fhèin, Anna, a bhith gan seinn. Bha sin ro àm innealan-clàraidh agus le sin chan eil clàraidhean ann dhith.

Sgrìobh Màiri luinneagan eile agus, nuair a dh'fhalbh dithis mhac leatha nan eilthirich air a' bhàta ainmeil, a' Metagama, ann an 1923, tha e coltach gun do rinn i rannan dhaibhsan cuideachd.

Chaochail Màiri mu dheireadh na 1920an.

Tha sinn an comain ogha Mhàiri, Màiri NicÌomhair, ann an Tolastadh bho Thuath airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.