Och Ochan, a Rìgh, gur nì ro Iongantach Gràdh

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri NicÌomhair agus air a sheinn le: Alasdair Greumach.

This is a song written by: Màiri NicÌomhair and sung by: Alasdair Greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Och ochan, a Rìgh, gur nì ro iongantach gràdh
Ghlac e mi fhìn 's chan fhaod mi fuireach nam thàmh;
Bhris e mo chridh' is sgaoil e m' aignidh fo bhlàth
'S bidh mise 's tu fèin 's cha trèig an comann gu bràth.

'S an nuair tha mi beò bidh mo dhòchas annad gach uair
Nuair rinn thu mo leòn bu dhòmhsa an gath a bha cruaidh;
Cha chaidil mi oidhch' nach cuimhnich mi ort aig an uair
'S e tròcair dha-rìribh an nì bha mise cur suas.

Ged bha peacadh mar bha bha 'n gràdh ro-aithnichte dhòmhs'
'S mar chaith mi mo là, a ghràidh, gun dhol na do chòir;
'S an fhìrinn ag ràdh gur feàrr thu ri t' iarraidh nan t-òr
Bha m' aineolas ann 's mar allt gun shil mi na deòir.

Mo chuspair m' fhear-iùil, mo shùilean chunnaic do shlàint'
Cha b' aithne dhomh riamh thu gun deach mi gad iarraidh gun dàil;
'S a' chùmhnanta shìorraidh dh'obraich thu an gnìomh le do làmh
'S nach iongantach leam gun cunnte mis' ann gu bràth.

Seinneadairean / Performers

Alasdair Greumach

Rugadh Alasdair Greumach, Alasdair Ruaireachain, ann an 1930 agus thogadh e air a' Bhac, Leòdhas, ged a ghluais an teaghlach gu Steòrnabhagh mu dheireadh thall. ...

Fiosrachadh air Alasdair Greumach / Learn more about Alasdair Greumach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.