Episode details

Available for 29 days
Tha connspaid gu leòr ann fhathast mu mar a dh' fheuch Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, casg a chur air cuid a luchd naidheachd, bho bhith faighinn a-steach dhan Taigh Gheal. Dè cho cudtromach 's a tha e gu bheil saoirse obrach aig luchd-naidheachd an ceann an dreuchd? Tha Cille Bhrìghde an Ear, An Eaglais Bhreac, An Gearasdan, Inbhir Uaraidh agus Baile na h-Eaglaise a' sireadh duais Baile Albannach na Bliadhna 2026. Tha Cathy ann an còmhradh ri feadhainn à cuid de na bailtean sin. Tha tionndadh ùr de Sense and Sensibility le Jane Austen, ri fhaicinn air film. Chaidh Lola Stahl ga fhaicinn agus i ag innse dhuinn mu dheidhinn. Tron t-samhradh, bha sinn a' faighneachd do dhaoine mu na làithean-saora as fheàrr a chòrd riutha riamh. An-diugh, tha Tina Bruce ag innse mu bhith falbh eadar dhùthchanan Eòrpach air rèile, air bhaidhseagal, a' seòladh an Danube agus iomadh àite eile.
Programme Website