Episode details

Radio nan Gàidheal,24 Sep 2026,87 mins
Farpais Òran Eurovision, Dùbhlan DIY agus biadhan oileanaich.
Feasgar an-diughAvailable for 26 days
Tha comataidh pàrlamaideach an dùil sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh sa bheilear a' taghadh an òrain a thèid air adhart airson na Rìoghachd Aonaichte ann am Farpais Òrai Eurovision, leis cho truagh sa chaidh dhaibh anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Tha Ramsay a' faighinn beachdan air mar a bu chòir an t-òran a thaghadh bho thriùir a tha gu math dèidheil air an fharpais. Tha mòran dhaoine òga air tòiseachadh air cùrsaichean ann an oilthighean is colaistean air feadh na dùthcha, a' ciallachadh gu bheil iad air gluasad air falbh bhon dachaigh agus gu bheil e an urra riutha fhèin còcaireachd. Tha Feasgar a' cluinntinn mu na dìnnearan eadar-dhealaichte a bh' aig feadhainn nuair a bha iad nan oileanaich. Agus gach seachdain an-dràsta tha sinn a' cluinntinn bhon dithis a chaidh a chur a-mach à farpais telebhisein Dùbhlan DIY. Tha Cassie agus Dòmhnall MacGilleEathain ag innse do Ramsay dè chaidh ceàrr dhaibh.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.SideSideTravis
- 2.White NoiseWhite NoiseHolly Humberstone
- 3.59th Street Bridge Song (Feelin Groovy)59th Street Bridge Song (Feelin Groovy)Simon & Garfunkel