Episode details

Radio nan Gàidheal,25 Aug 2026,87 mins
El Niño, pàighidhean mìosail agus luchd-poileataigs air loidhne
Feasgar an-diughAvailable for 29 days
Tha am prìomhaire, Andy Burnham, air còrr is leth cheud post a chur air Instagram anns a' chiad mhìos na dhreuchd. Tha ro-innleachdairean den bheachd gun urrainn do phostan air na meadhanan-sòisealta a bhith na bhuannachd dha leis cho èibhinn agus sgileal sa tha a sgrìobhadh. Tha sinn air an tuilleadh fhaicinn do luchd-poileataigs a' cleachdadh na meadhanan-soìsealta gus an ìomhaigh àrdachadh, ach a bheil cunnart ann a bhith orra cus, ann an là far an urrainn cliù dhuine a mhilleadh gu math furasta le facal neo ceanglaichean ceàrr. Tha Emma a' cluinntinn bho Alasdair Allan a bha na bhall-pàrlamaid, agus Murchadh Macleòid a tha na fhear-aithris air gnothaichean poileataigeach. Tha am pàtran gnàth-shìde El Niño a' neartachadh an-dràsta anns a' Chuan Shèimh, agus dùil gum bi e nas làidire na bha e a-riamh, a' toirt buaidh mhòr air h-àiteachan as fhaisge air. Ach thathas a' `suileachadh gun toir e droch bhuaidh air aimsir na Rìoghachd Aonaichte cuideachd, mar a tha an tè-aimsir Joy Dunlop a' mìneachadh. Agus chaidh innse gu bheil an Riaghaltas a' toirt air adhart na riaghailtean ùra a thèid an cur an gnìomh a thaobh pàighidhean mìosail, neo subscriptions. Tha an t-eòlaiche ionmhais, Anne NicIlleMhaoil, a' dèanamh soilleireachadh air na raighailtean ùra, agus carson a thathas a' cur fàilte orra.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.SuperheroesSuperheroesThe Script
- 2.Be By NowBe By NowMorgan Wallen
- 3.Lay Me DownLay Me DownSam Smith