Episode details

Available for 28 days
Chithear a' chiad gheama de Cupa na Cruinne a-nochd fhathast, a' tòiseachadh còrr as còig seachdainean de dh'fharpais eadar dà fhichead sgioba sa h-ochd bho air feadh an t-saoghail. Ach cha bhiodh na sgiobaidhean sin aig an ìre aig a bheil iad mur am biodh nam manaidsearan a tha gan stiùireadh. Tha mòran mhanaidsearan tàlantach air a bhith aig Cupa na Cruinne thar nam bliadhnaichean, agus tha DK Mac a' Phì, aig a bheil ùidh mhòr ann am ball-coise, a' coimhead air ais air an fheadhainn a b'fheàrr. Dh' ainmich Bob Harris bho chionn ghoirid gum biodh e a' cur cùl ris a' phrògram ainmeil aige air Radio 2, prògram ceòl dùthchail, ri linn dìth slàinte. Bi ionndrainn mòr air, agus tha Marie NicMhathain a' coimhead ris an dìleab a tha e fàgail às a dhèidh. Agus 's i Sandra Corbett a tha a' dèanamh a taghadh den taigh a chòrdadh e rithe fhèin a bhith a' fuireach ann.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.HurtingHurtingNathan Ball
- 2.skinny dipskinny dipalmost monday
- 3.ParachuteParachuteKaiser Chiefs