Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,31 May 2026,30 mins

còmhla ris an Dr Urr Aonghas Moireasdan

Dèanamaid Adhradh

Available for 29 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidh agus an leughadh a leanas: Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas. Salm 36: 8-9 air fonn Moravia agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh an h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh. Karen NicMhathain a' seinn O Mìorbhal Gràis. Leughadh: Eòin 3: 1-17 Ceann-teagaisg Eòin 3: 1-2 Rugadh agus thogadh Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de làithean òige anns an Òban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mhàthair, agus tha deagh chuimhne aige fhèin iomadach samhradh a chuir seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air dòigh-beatha anns na h-Eileanan an Iar. Chaidh Mgr Moireasdan gu Àrd-sgoil an Òbain agus às a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d' fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann. Bha Mgr Moireasdan ann an ceithir paraistean bhon a ghabh e dreuchd ministear ann an 1979: an t-Òban, Dùn Èideann, Steòrnabhagh agus mu dheireadh ann an Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Bha e cuideachd na Mhodaràtair aig Eaglais na h-Alba. Tha e an-diugh air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Marion agus tha ceathrar de theaghlach aca, triùir ghillean is aon nighean agus tha triùir oghaichean aca. Bha ùidh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean, agus 's iomadh turas a bhiodh a mhàthair a' trod ris na òige gun robh e air an t-airgead a thug i dha airson lèintean a cheannach a chosg air leabhar eile. 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag èisteachd ri ceòl clasaigeach. Tha Mgr Moireasdan air a bhith a' cur seachad trì mìosan gach bliadhna thar na bliadhnaichean mu dheireadh ann an Paraiste Naomh Anndra ann an Lisbon, 's e am Modaràtair eadar-amail aig a' pharaiste sin an-dràsta agus tha làn dhùil aige a bhith a' siubhail a-null a-rithist san t-Sultain.

Programme Website
More episodes