Episode details

Available for 23 days
Tha mòran chòmhraidh air a bhith dol mun adhartas a rinn sgioba ball-coise Hearts as an lìog am-bliadhna, ged a dh'fhàilig orra an lìog a bhuannachadh aig a' cheann-thall. Tha mòran a' cur seo sìos ris an deich millean not a chur Tony Bloom a-steach dhan chluba as t-samhradh a chaidh. Ach cò e Tony Bloom, agus dè a thug air airgead a chur ann an sgioba ball-coise Hearts? Tha Calum Dòmhnallach air a bhith a' dèanamh beagan rannsachaidh. Chaidh innse gun tèid an leth-ùine anns a' gheama ball-coise 's a' chuairt dheireannach de Cupa na Cruinne a leudachadh airson taisbean far am bi Madonna, Shakira agus BTS a cluich. Tha seo gu mòr anns an fhasain an-diugh aig tachartasan mòra spòrs, ach a bheil iad seo a cuir ris a' gheama, neo a bheil iad nam buaireadh airson na cluicheadairean? Tha Niall Iain a' faighinn beachd bho dhithis. Agus a' leantainn oirnn leis an t-sreath far a bheilear a' taghadh na h-òrain a chuirear air teip de na h-òrain as fheàrr leat, mixtape, mar a chanar ris, tha Flòraidh NicSteafain ag innse do Niall Iain na h-adhbharan air cùl a taghaidhean.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.I'm Out and I Wanna Go HomeI'm Out and I Wanna Go HomeDaði Freyr
- 2.Blood on the BoneBlood on the BoneThe Amazons
- 3.Hung UpHung UpMadonna