Episode details

Available for 28 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas: Salm 89: 1-2 air fonn London New agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Scalpaigh Salm 68: 7-8 air fonn Montros agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh Leughadh: Lucas 9: 23-26 Galàtianaich 6: 12-18 Ceann-teagaisg: Galàtianaich 6: 14 Mus deach e os cionn coitheanal Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais bha an t-Urr Calum Iain MacLeòid airson ochd bliadhna os cionn coitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac agus roimhe sin bha e os cionn coitheanal Bharabhais. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geàrrannan air taobh siar Leòdhais. 'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus bha e na Chrìosdaidh bho bha e trì-bliadhna-deug. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an àm, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige. Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith. Am bliadhna tha an t-Urramach Calum Iain MacLeòid na Mhoderàtair air Àrd Sheannadh na Bliadhna seo a tha gabhail àite thairis air na làithean seo.
Programme Website