Episode details

Available for 27 days
Tha fios cinnteach gu bheil gu leòr ri dhèanamh anns a’ ghàrradh, ach a bheil planntaichean ann a thig am bàrr gach bliadhna agus a bheir pailteas lusan is luibhean seachad gun cus saothair? Tha Iain MacDiarmaid gu math dìcheallach anns a’ ghàrradh agus air an lot, agus tha e a’ toirt dhuinn comhairle mu na seòrsaichean lusan a dh’fhaodadh sinn a chur. Tha an Lòchran a’ comharrachadh còig bliadhna fichead bho fhuair a’ bhuidheann inbhe carthannais. Tha Andy Beck a’ toirt iomradh air cuid de na tachartasan a tha ri thighinn aig an Lòchran anns na làithean agus na seachdainean a tha romhainn. Tha Fiona Rennie a’ taghadh nan òran a chuireadh i ann am “mixtape”, bho òrain airson siubhail gu òrain a bheir oirre smaoineachadh air làithean a h-òige.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Take Me To ChurchTake Me To ChurchHozier
- 2.Drop DeadDrop DeadOlivia Rodrigo
- 3.Atlantic CityAtlantic CityBruce Springsteen
- 4.Gura Mise Tha Fo ÈisleinGura Mise Tha Fo ÈisleinNiteworks & Ellen MacDonald
- 5.American GirlsAmerican GirlsHarry Styles
- 6.I Don't CareI Don't CareEd Sheeran & Justin Bieber