Episode details

Available for 25 days
Tha Jessica Dhùghlas còmhla ri Emma agus iad a’ beachdachadh air na naidheachdan a nochd aig an deireadh-sheachdain: aon sgeulachd a chòrd rithe, aon a thug gàire oirre, agus aon a chuir dragh oirre. ’S iomadh duine a tha air a dhol air turas eadar Crìoch na Tìre (Land’s End) agus Taigh Iain Ghròt airson airgead a thogail do charthannas. An-diugh, tha Marsaili NicLeòid, a tha a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach, a’ cur ris an àireamh sin nuair a thòisicheas i air an dùbhlan rothaireachd aice fhèin eadar an dà àite. ’S ann airson airgead a thogail do bhuidheann-charthannais a tha a’ toirt taic do dhaoine le aillse a tha Marsaili ga dhèanamh. A bharrachd air a bhith ag innse mun dùbhlan, innsidh Marsaili dhuinn cuideachd mun sgeulachd phearsanta aice fhèin mu aillse.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Cruel SummerCruel SummerTaylor Swift
- 2.Dry SpellDry SpellKacey Musgraves
- 3.Man I NeedMan I NeedOlivia Dean