Episode details

Available for 29 days
Iain Moireasdan le sùil air adhart gu farpais goilf na Masters ann an Augusta agus bidh na camain air ghleus san iomain cuideachd. Tha an deireadh sheachdain mu dheireadh de gheamannan ball-coise an SPFL againn ron 'split' agus bithear a' coimhead air adhart ri na geamannan aig boireannaich na h-Alba an aghaidh na Beilge san fharpais dearbhaidh airson Cupa na Cruinne 2027. Tha farpais rugbaidh nan Sia Dùthchannan do bhoireannaich gus tòiseachadh agus tha sgioba Warriors Ghlaschu a' dol an aghaidh Toulon sa chairteal chuairt dheireannach de chupa na European Champions.
Programme Website