Episode details

Available for 29 days
Tha a’ bhliadhna as soirbheachail bhon t-siathamh linn deug air a bhith aig a’ chorra ann an Alba airson briodadh. Sheall suirbhidh a rinn Comann Rìoghail Dìon nan Eun gu robh deich chàraidean thairis air Alba air brideachadh ann an 2025. Tha Shona NicGillFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun còmhla rinn airson innse dè seòrsa eun a th' anns a' chorra, agus carson a thathas a’ cur uidhear de dh’ fhàilte air an naidheachd seo. Thèid bùthan-obrach an cumail ann an Steòrnabhagh air an deireadh-sheachdain do luchd-ciùil thraideasanta. 'S iad Ealan agus Cultur Tradiseanta na h-Alba a tha gan cumail do dhaoine a tha a' coimhead ri clàr neo cuairt a chur air dòigh. Tha an tuilleadh aig Brian O' hEadhra bhon a' bhuidheann. Agus 's e an-diugh a' chiad là de shreath ùr far a bheil sinn a' toirt rudeigin as a' phreas, neo as a' frids, dhan chòcaire Uisdean Macleòid agus ag iarraidh air dà reasabaidh gu math eadar dhealaichte a dhèanamh. An dùil dè a nì e le lioman?
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Rivers In The LightRivers In The LightTide Lines
- 2.Mr. Know It AllMr. Know It AllTeddy Swims
- 3.Hello SunshineHello SunshineSuper Furry Animals