Episode details

Available for 29 days
Tha 50 bliadhna an-diugh fhèin bhon a chaidh companaidh a' stèidheachadh a bheireadh buaidh mhòr air ar saoghal. 'S e sin Apple 's tha Dòmhnall Dòmhnallach a' toirt sùil air an eachdraidh. Thèid VAR a' cleachdadh son a chiad uair aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo. Ciamar agus carson a thèid teicneòlas mas-fhìorachd a chleachadh? 'S e Iain MacÌomhair cèiliche na seachdain. Rugadh is thogadh Iain ann a Nis, air eilean Leòdhais. 'S ann as a sgìre a bha na daoin' aige, a dol fad' air ais. B'e a shinn-shinn-sheanair an duine bho dheireadh a' rugadh air eilean Rònaigh, tuath air Robha Robhanais. Tro na bliadhnaichean, tha Iain air a bhith gu mòr an sàs ann an iomairtean coimhearsnachd - rud a tha fhathast glè chudthromach dhà.
Programme Website