Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,31 Mar 2026,87 mins

Le Emma NicLaomainn

Feasgar an-diugh

Available for 30 days

Tha Isabelle Law na dealbhadair Albannach a choisinn iomadh duais airson a cuid obrach. Fhuair i cothrom siubhal gu New York às dèidh dhi sgoilearachd Leica a chosnadh. Chaidh seo a stèidheachadh mar chuimhneachan air John Kreidler. Tha Isabelle ag innse mun sgoilearachd fhèin agus mar a thug e cothrom dhith siubhal gu New York. Tha NASA a’ cur air dòigh misean mòr, Artemis II, a bheir daoine air turas timcheall na gealaich airson a’ chiad uair ann an còrr is 50 bliadhna. Tha luchd-saidheans an dùil gun toir am misean seo tuigse nas doimhne dhuinn air àrainneachd na gealaich agus gur e ceum chudromach a bhios ann airson barrachd miseanan chun na gealaich san àm ri teachd. Thèid a’ chiad chuairt den mhisean aig NASA a thòiseachadh a-màireach agus tha ar eòlaiche fànais, Iain MacIlleathain, ag innse barrachd mu Artemis II agus na dùbhlain is na cothroman a tha romhpa. A’ leantainn leis an t-sreath Fìor no Breug, tha Murdo MacLeòid bhon phrògram Mas Fhìor a’ feuchainn ri Emma a mhealladh le trì sgeulachdan pearsanta, ach chan eil ach dhà dhiubh fìor.

Programme Website
More episodes

Tracklist

  1. Track
    Artist
  2. 1.
    Nothing Breaks Like A Heart (feat. Miley Cyrus)
    Nothing Breaks Like A Heart (feat. Miley Cyrus)
    Mark Ronson
  3. 2.
    End Of The Line
    End Of The Line
    Traveling Wilburys
  4. 3.
    Lovefool
    Lovefool
    The Cardigans
  5. 4.
    Alright
    Alright
    Supergrass
  6. 5.
    High Hopes
    High Hopes
    Kodaline
  7. 6.
    Tears Dry On Their Own
    Tears Dry On Their Own
    Amy Winehouse