Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,26 Mar 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill.

Naoi gu Deich

Available for 25 days

Tha Cathy, John Neil Dòmhnallach agus Patsi NicChoinnich a' bruidhinn mu dheidhinn an dràma ùr air Channel 5, Power: The Downfall of Huw Edwards. Tha an t-sreath a' toirt sùil air mar a chaill an craoladair Huw Edwards a chliù. Dè a shaoil iad dhen dràma agus a bheil iad a’smaòineachadh gu bheil e iomchaidh dràma a dheanamh mu chuspair cho connspaideach? Chan eil ach beagan mhìosan gus an tèid sgioba ball-còise na h-Alba a-null a dh’Aimeireagaidh. Tha an lèine ùr pinc a bhios orra, air mòran còmhradh a tharraing tron t-seachdain! 'S dè na lèintean ball-coise eile a b' fheàrr a chòrd riamh ri Mìcheal Steele, Marina Mhoireach, agus Finlay Cunniffe? Tha an litir mu dheireadh a' sgrìobh Màiri, Ban-rìgh na h-Alba fhathast ri fhaicinn aig Taigh-tasgaidh Pheairt gu deireadh an ath mhìos. Chaidh Fionnlagh MacSuain ga fhaicinn 's e ag innse do Chathy mu dheidhinn. Bha ceathrar còcairean ainmeil Michelin air chuairt ann a Leòdhas agus na Hearadh bho chionn ghoirid. Bha Alasdair MacLeòid nan cois, 's fhuair Màirianna NicChoinnich, facal air mun turas 's na dh' ionnsaich iad mu eachdraidh agus dualchas bìdh na h-eileanan.

Programme Website
More episodes