Episode details

Available for 26 days
Tha BBC Radio nan Gàidheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a dol air ais gu na tràth laithean sin son an t-sreath Fàilte air a' Bhaile. As a' phrògram seo, thadhal Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn air sgìre Phaibeil ann an Uibhist a Tuath ann an 1985. Bha Dòmhnall a' còmradh ri Dodaidh MacBheathain 's e coimhead a-mach air an sgìre air a bheulaibh agus ag ainmeachadh na diofar bhailtean mu chuairt air. Chualar bho Aonghas Ailig MacAmhlaigh a bha an lùib buidhean raidearan Phaiblesgearraidh agus Baile Raghnaill. Bha Mòrag NicDhòmhnaill nach mairean ag innse mu mar a dh'fhàg mi Muile son a dhol a dh' Uibhist agus bha an nighean aice Ena ag innse mum dòigh beatha aig a Chaolas. Thadhal e air Sgoil Phaibeil is bha e a' bruidhinn ri na sgoilearan òga agus ri Maribel NicIlleathain a bha os cionn an sgoil àraich. Agus mu dheireadh as a phrògram, còmhradh iongantach le Lachlan MacCuidhein a bha ceud bliadhna 's a dha aig an àm.
Programme Website