Episode details

Available for 21 days
Tha Innes MacCuithein a' togail air trì sgeulachdan a ghlac aire air an deireadh sheachdain: aon a chòrd ris, aon a chuir dragh air agus aon a thug gàire air. Thàinig am film ùr Peaky Blinders: The Immortal Man gu Netflix agus ged a bha dùil ri sreath a bharrachd, chaidh an sgeulachd atharrachadh gus crìoch a chur air saga na Shelbys ann am film. Tha cuid de lèirmheasan ag ràdh gu bheil am film dorcha, làidir agus làn faireachdainn – agus gu bheil e na chrìoch iomchaidh air a’ chiad chaibideil de sgeulachd nam Peaky Blinders. Tha moladh sònraichte ga dhèanamh air Cillian Murphy, a tha a’ cluich Tommy Shelby. Saoil an do dh’obraich an sgeulachd, na caractaran agus an ùpraid air a' sgrion mhòr? Tha Eilidh Daniels dèidheil air Peaky Blinders agus tha i a’ dol a dh’innse mar a chòrd am film ùr rithe.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Black Eyed BoyBlack Eyed BoyTexas
- 2.If He Wanted To He WouldIf He Wanted To He WouldPerrie
- 3.Lose ControlLose ControlTeddy Swims