Episode details

Available for 22 days
'S iad Agnes Rennie agus Siùsaidh NicDhònnchaidh a tha a' toirt sùil air colbhan beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain còmhla ri Coinneach Mac a' Ghobhainn. Leis gun tàinig atharrachadh mòr air an aimsir bho chionn làithean tha sinn uile a-nise ann an sunnd tòiseachadh a' gàirneilearachd. Ach, a bheil e comasach gàrradh a chruthachadh gun cus cosgais? Tha Calina NicDhòmhnaill deònach beagan stiùireadh agus còmhairle a thoirt dhuinn. Tha coltach gu bheil sinn fo bhuaidh ‘Foehn’ agus gur e sin an adhbhar sònraichte a tha an t-sìde cho neo-àbhaisteach blàth airson an àm seo den bhliadhna. Gheibh sinn mìneachadh air dè dìreach a th' anns a 'Foehn effect' bho Iain MacFhionghain, a bha na neach-teagaisg chruinn-eòlais.
Programme Website