Episode details

Available for 18 days
Tha a’ chompanaidh Lock & Co. a’ comharrachadh 350 bliadhna am-bliadhna. ’S e companaidh adan a th’ annta, agus a rèir choltais is iad am bùth adan as sine san t-saoghal. ’S e clach-mhìle air leth cudromach a tha seo, gu h-àraidh leis na dùbhlain a tha air a bhith aig iomadh companaidh thar diofar ghnìomhachasan sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Ciamar a tha iad air a bhith cho soirbheachail? Tha Anndra MacFhionghain, a tha gu math eòlach agus dèidheil air saoghal an fhasain, a’ toirt dhuinn barrachd fiosrachaidh mun chompanaidh shoirbheachail seo. Dhearbhaich an riaghaltas o chionn ghoirid gum bi barrachd airgid ga chur a-steach ann an quantum computing agus gnothaichean AI. Tha cuid a’ beachdachadh gu bheil sinn air deireadh gnothaichean coimpiutaireachd àbhaisteach a ruighinn agus tha companaidhean a’ coimhead gu quantum computing – teicneòlas ùr a tha a’ togail ùidh mhòr. Tha an t-eòlaiche teicneòlas, Dòmhnaill Dòmhnallach, a mìneachadh dè th’ ann an quantum computing, agus carson a tha companaidhean mòra a’ cur uimhir de dh’ùidh agus airgid ann?
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Castle On The HillCastle On The HillEd Sheeran
- 2.I'm Not SorryI'm Not SorryThe Pigeon Detectives
- 3.Hole In The HeadHole In The HeadSugababes