Episode details

Available for 10 days
Chan e obair fhurasta a th' ann a bhith a' togail chloinne, agus tha mòran dhiofar bheachdan air na dòighean as fheàrr a dhèanamh. Tha Emma a' còmhradh ri dithis mhàthair faic a bheil iad a' leantainn riaghailtean neo feallsanachdan sam bith. Tha iomairt bhliadhnail 'Spring Clean Scotland' gus tòiseachadh a dh’aithghearr, agus tha luchd-obrach bhon chompanaidh 'Keep Scotland Beautiful' an dòchas gum bi na deichean de mhìltean de dhaoine air feadh Alba a’ gabhail pàirt ann. Tha Jonathan Angell na Oifigear Foghlam agus Ionnsachaidh aig 'Keep Scotland Beautiful' agus tha e ag innse an tuilleadh do dh'Emma. Agus tha sinn air a bhith a' faicinn dealbhan den teine uamhasach ann am meadhan baile Ghlaschu a rinn uidhear de sgrios air seann thogalach eachdraidheil. Thathas den bheachd gur ann am bùth bhèipeagan a thòisich an teine sa chiad àite. Tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais a' mìneachadh an cunnart a th' anns na bataraidhean a gheibhear am broinn bhèipeagan.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Put A Light On MePut A Light On MeSam Ryder
- 2.CLIP - When I Grow UpCLIP - When I Grow UpThe Pussycat Dolls
- 3.Good Luck, Babe!Good Luck, Babe!Chappell Roan
- 4.The FearThe FearLily Allen
- 5.Can't Stand Me NowCan't Stand Me NowThe Libertines
- 6.Pick a Part That's NewPick a Part That's NewStereophonics