Episode details

Available for 6 days
Tha BBC Radio nan Gàidheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a' dol air ais gu na tràth laithean sin airson an t-sreath Fàilte air a' Bhaile. Anns a' phrògram seo, thadhail Aonghas Dòmhnallach air Aiginis san Rubha ann an 1985. Tha muinntir na sgìre a'còmhradh ri Aonghas, a bhuineas don sgìre sin cuideachd, mu strì an fhearainn san sgìre san naoidheamh linn deug. Cluinnear cuideachd mun togail a fhuair iad, làithean na h-òige anns a' bhaile agus mar a tha cùisean air atharrachadh. Chualar bho Ceit Crichton, Dollag NicLeòid, Alasdair Dòmhnallach, Murchadh Rothach agus Alasdair MacLeòid, agus chuala sinn Alma Kerr a' sèinn Aiginis air a' Mhachair.
Programme Website