Episode details

Available for 2 days
Bi sinn a' cluinntinn mòran mu thuill-dhubha ann an reultaireachd, ach tha beachd a' nochdadh gum faodadh tuill-geal a bhith ann cuideachd air sgàths co-aontaran na dàimheachd, a-rèir Einstein. Ged nach deach am faicinn a-riamh, agus tha'd a' dol an aghaidh cuid de riaghailtean eòlas-fiosaig, tha bun-bheachd nan tuill-geal a' togail mòran chòmhraidh a-measg reuladairean. Tha Emma a' cluinntinn bho Aonghas Dòmhnallach aig a bheil ùidh mhòr ann an reultaireachd. Thathas a' coimhead ri planaichean airson ceangal a dhèanamh eadar Muile agus tìr-mòr le leithid tunail neo drochaid. Tha triùir a' meòmhrachadh air na bhiodh seo a' ciallachadh dhan eilein. Agus bho chionn cola-deug chuir Kerry Nic a' Phì crìoch air rèis bhaidhseagal nam beanntan Atlas a mhair còig laithean agus ceithir uairean deug. Tha i ag innse do dh'Emma an tarraing a th'ann an rèisean cho dùbhlannach.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.RocketRocketGoldfrapp
- 2.Be MineBe MineDavid Gray
- 3.Thank You For Being A FriendThank You For Being A FriendAndrew Gold
- 4.Sucker PunchSucker PunchSigrid
- 5.Tennessee WhiskeyTennessee WhiskeyChris Stapleton