Episode details

Expires today 11:25pm
Chaidh triùir bhoireannach a bhuileachadh leis na prìomh dhuaisean aig Duaisean Blavatnik am-bliadhna. ’S e seo an dàrna turas sna naoi bliadhnaichean a tha na duaisean air a bhith gan toirt seachad a fhuair boireannaich an t-urram seo. ’S e ceum air adhart a tha seo do bhoireannaich, agus gu sònraichte do bhoireannaich òga ann an saidheans. Tha Màiri Nic Rath, a tha na h-Àrd Neach-sgrùdaidh ann an saidheans, a’ toirt cunntas air na duaisean agus air cò dha a tha iad. Tha taigh-òsta ann an Glaschu air a bheil “The Social Hub” ag obair an dà chuid mar thaigh-òsta agus àite-fuirich do dh’oileanaich aig prìs reusanta a-nise air fhosgladh. Tha goireasan rim faotainn ann airson an dà chuid, mar eisimpleir talla-spòrs, àite-bìdh agus nigheadaireachd. Ach a bheil seo na fhreagairt air an duilgheadas do dh’oileanaich àite-fuirich a chur air dòigh nuair a dh’fhàgas iad an sgoil? Tha triùir le suidheachaidhean eadar-dhealaichte a’ beachdachadh air a’ chuspair.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.She Is A Time I'm Living InShe Is A Time I'm Living InDaydreamers
- 2.The Sea That SingsThe Sea That SingsSkerryvore
- 3.Tiresome WaysTiresome WaysGrace Morton