Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,03 Mar 2026,57 mins

le Coinneach Mac a' Ghobhainn.

Naoi gu Deich

Expires on Friday 12:25am

Air a chiad Dimàirt dhen Mhàrt, tha an Dotair Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a' toirt sùil air dè na cleachdaidhean Ceilteach a bha co-cheangailte ris a mhìos seo. eachdraidh agus beul-aithris. Tha cuimhneachan ùr ga chruthachadh ann am Portsmouth an dràsta, air na feachdan ris an canar na Coastal Forces – meur dhen Chabhlach Rìoghail a chuir gu mòr ri dìon na rìoghachd tron Chiad agus an Dara Cogadh. Ach cò iad agus carson nach robh iad cho buileach aithnichte ris an corr dhen Chabhlach? Tha taisbeanadh ri fhaicinn ann an Dùn Èideann an dràsta de dhealbhan air am peantadh leis an ealanaiche Bill Ord, nach maireann. Bha Bill a' teagasg ealan aig Sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh ' s na 50an. Tha dealbhan à Leòdhas ri'm faicinn aig an taisbeanadh 's chaidh Iain MacAsgaill a-mach son sùil a thoirt orra. Gach Dimàirt an dràsta, tha aoighe a' taghadh leabhar agus sgrìobhaiche bho cheàrnaidh sam bith dhen t-saoghal, seach Breatann, Aimeireagaidh neo Èirinn. An-diugh, tha Patsi NicChoinnich air The Man Who Watched Trains Go by le Georges Simenon.

Programme Website
More episodes