Main content

6. Air an t-Sitig

Tha Innes Scullion is Artair Donald a’ tadhal air Calum MacIlleathain is Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026. Tha sinn fhathast ann - gu ruige seo.

Le Alba a' call an aghaidh Bhrasil, an tèid againn air fuireach aig Cupa na Cruinne? Tha Innes Scullion agus Artair Donald a’ tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy gus meòrachadh air sin agus iad le chèile a' toirt sùil spòrsail air mar a tha a' dol dhuinn san fharpais.

Tha Artair dìreach air tilleadh à Boston. Cluinnidh sinn cuideachd bho Seona McClintock ann am Miami. Tha ticead aice dhan ath ghèam aig Alba, mas e agus gum faigh sinn troimhe.

Release date:

Available now

51 minutes

Podcast