Main content
Sorry, this episode is not currently available

13/11/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 79

An t-seachdain sa chaidh bha sinn aig Dùn Dearduil faisg air Loch Nis. Bho Inbhir Nis bidh cuid a’ dràibheadh a dh’ionnsaigh Dhùn Dearduil air rathad beag. Tha an rathad a’ tòiseachadh faisg air Tòrr an Eas. Cuideachd faisg air Tòrr an Eas tha loch. Tha ainm neònach air an loch. Loch Ceò Glais. Loch Ceò Glais. Loch of Grey Mist.

Bha mi a’ leughadh beagan mun àite. Bha an t-ùghdar ag ràdh nach e Ceò a bh’ anns an ainm, ach Cè. Tha Cè a’ ciallachadh “of Cia”. ’S e Cia ainm air seann dia pàganach Ceilteach. Mar sin, ’s e an t-ainm ceart air an loch – Loch Cè Glais. Tha sin a’ ciallachadh the loch of grey Cia.

Tha an rathad beag a Dhùn Dearduil cumhang. Tha e sàmhach sìtheil. Ach anns an t-seann aimsir cha robh an t-àite cho sìtheil. ’S e Baile Cheatharnach an t-ainm a bh’ air. The place of caterans, or freebooters. Baile Cheatharnach.

Air an rathad tha drochaid. Tha sin far a bheil an rathad a’ dol thairis air allt. Bha ainm-àite an sin co-cheangailte ris na ceatharnaich. Aig an drochaid bha muileann ann. ’S e Muileann nam Biodag an t-ainm a bh’ air. The Mill of the Dirks. Muileann nam Biodag. Bha na ceatharnaich a’ cur faobhar air na biodagan aca an sin. An uair sin bha iad a’ falbh airson droch rudan a dhèanamh.

Tha fiosrachadh sònraichte againn air aon bhaile-fearainn san sgìre. Tha sin nas fhaide sìos an rathad. ’S e Balchraggan no Bail’ a’ Chreagain an t-ainm a th’ air. Tha fios againn air na h-ainmean a bh’ air na h-achaidhean ann am Bail’ a’ Chreagain nuair a bha grunn teaghlaichean a’ fuireach ann. Bha na teaghlaichean a’ fuireach ri taobh a chèile. Bha achadh aig gach teaghlach. Seo agaibh na h-ainmean: Cùl Arachain, Bail’ an Fhraoich, Baile na Feadaige, Bail’ a’ Chreagain fhèin agus Bail’ an t-Sìthein. Gu mì-fhortanach, chaill sinn fiosrachadh mionaideach mar sin ann am mòran bhailtean air a’ Ghàidhealtachd.

Agus cò às a thàinig am fiosrachadh mionaideach sin air Bail’ a’ Chreagain? Thàinig bho bhodach – Seumas Gobha. Chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Rugadh e ann an ochd ceud deug ’s a trì (1803). Mar sin, bha e ceud bliadhna a dh’aois nuair a chaochail e. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: bidh cuid a’ dràibheadh a dh’ionnsaigh Dhùn Dearduil: some people drive to [towards] Dùn Dearduil; Tòrr an Eas: Torness (a hamlet south of Inverness); tha ainm neònach air an loch: the loch has a strange name; ùghdar: author; seann dia pàganach Ceilteach: an old pagan Celtic god; cumhang: narrow; sàmhach sìtheil: quiet and peaceful; anns an t-seann aimsir: in olden times; far a bheil an rathad a’ dol thairis air allt: where the road crosses a burn; bha na ceatharnaich a’ cur faobhar air na biodagan aca: the freebooters were sharpening their dirks there; tha fiosrachadh sònraichte againn air aon bhaile-fearainn: we have special knowledge of one farm; nas fhaide sìos an rathad: further down the road; na h-ainmean a bh’ air na h-achaidhean: the names of the fields; nuair a bha grunn teaghlaichean a’ fuireach ann: when several families lived there; ri taobh a chèile: next to each other; bha achadh aig gach teaghlach: each family had a field; Cùl Arachain: given as “the back of the little height”; Bail’ an Fhraoich: the township of the heather; Baile na Feadaige: the township of the plover; Bail’ an t-Sìthein: the township of the fairy hillock; gu mì-fhortanach: unfortunately; chaill sinn fiosrachadh mionaideach mar sin: we [have] lost detailed information like that; mòran bhailtean air a’ Ghàidhealtachd: many villages in the Highlands; cò às a thàinig am fiosrachadh?: where did the information come from?; bho bhodach – Seumas Gobha: from an old man – James Gow; chaochail e: he died; rugadh e: he was born; ceud bliadhna a dh’aois: a hundred years of age; innsidh mi dhuibh mu dheidhinn; I’ll tell you about him.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast