Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Seachdain Gnìomh Gnàth-shìde, trì sgeulachdan agus anime.

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain Macdonald.

Tha Niall Iain a' cluinntinn bho Chiorstaidh NicFhionghuin Leese, bhon bhuidheann Gnàth-shìde Innse Gall, air Seachdain Gnìomh na Gnàth-shìde mu na tha san amharc aca gus aire a tharraing gu cho èiginneach sa tha an suidheachadh.

Tha an àireamh de dhaoine a tha a' coimhead sreathan anime air Netflix air àrdachadh gu mòr, a rèir rannsachaidh, gu h-àraidh ann an dùthchannan Àisia. Ach tha an nòs shònraichte seo air aire dhaoine a ghlacadh air feadh an t-saoghail. Tha Robbie MacLeòid nam measg, agus tha e a' mìneachadh carson a tha e cho tarraingeach dha.

Agus 's e Ryan Dziadowiec a tha air trì sgeulachdan a thaghadh a ghlac aire thairis air an deireadh-sheachdain.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Broadcast

  • Today12:00