Main content

'S e Mìcheal MacNèill cèiliche na seachdain sa

'S e Mìcheal MacNèill an cèiliche a th' air Naoi gu Deich an-diugh. Sea captain Michael MacNeil from Barra is the guest this week on Naoi gu Deich.

Thèid ìomhaigh ùr dhen Naomh Bhàrr a thaisbeanadh ann an Eilean Bharraigh Dihaoine. Am measg na th' air a' bhuidheann stiùiridh a bha ag obair air an ìomhaigh sin tha Mìcheal MacNèill: sgiobair a bhios luchd-siubhail a' cluinntinn gu tric air bàtaichean-aiseig Innse Gall, (a' Hebrides) agus am Fear-Cinnidh (An Clansman). Agus 's e ar cèiliche an t-seachdain sa. Eadar a bhliadhnaichean a' seòladh agus a dhàimh làidir ri dhachaigh is croit an teaghlaich, 's iomadh cuspair air an suath e na chòmhradh le Angela NicFhionghuin.

Cluinnidh sinn cuideachd mu na làithean-saora as fheàrr air a bheil cuimhne aig Catrìona NicIain - turas a bh' aice fhèin is a duine a dh' Àisia.

Agus tha Catrìona Mhoireach a' toirt sùil air A Working Mother le Agnes Owens. Rugadh Owens o chionn ceud bliadhna, is tha cuid de na sgrìobh i ga ath-fhoillseachadh ri linn sin - ach dè bhios aig Catrìona air a' nobhail sa?

26 days left to listen

57 minutes

Last on

Thursday22:55

Broadcasts

  • Thursday09:00
  • Thursday22:55