Main content

Innis Tìle is an Roinn Eòrpa, agus cò bh' ann am Murchadh Chro-leatha

Tha Cathy NicDhòmhnaill a' cluinntinn mu iomadach cuspair ann an iomadach còmhradh. Cathy MacDonald presents on subjects from Iceland & the EU, to the new Shadow Foreign Secretary.

Cò th' ann an Natalie Harp? 'S iomadh neach-comhairleachaidh is neach-taic a th' aig Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte - ach carson a tha Natalie Harp air a bhith fo phrosbaig nam meadhanan? Sin a' cheist a tha an tè-naidheachd Maureen NicLeòid a' freagairt.

Cluinnidh sinn cuideachd mu dheidhinn Tom Tugendhat, a tha a-nise na Rùnaire Cèin Dùbhlanach dha na Tòraidhean aig Westminster.

Tha Aonghas Mac'IllFhinnein a' toirt dhuinn ro-shealladh air òraid a bheir e seachad a-nochd ann an Hub Coimhearsnachd an t-Òib, mu Mhurchadh Chro-Leatha.

Bhòt Innis Tìlich an aghaidh chòmhraidhean leis an Aonadh Eòrpach - ach carson? Tha Iain MacFhionghuin a' fuireach san dùthaich agus a' mìneachadh carson a tha an dùthaich cho ceangailte rin cuid chòirichean fhèin, gu sònraichte mu na h-uisgeachan.

Agus tha Gary Fearghasdan a' toirt cunntas dhuinn air na làithean-saora a b' fheàrr a chòrd ris fhèin a-riamh: turas a bheanntan Mhongolia.

2 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Tue 1 Sep 202609:00
  • Tue 1 Sep 202622:55